Lochcarron Shinty Club

One of Scotland's oldest shinty clubs

Comunn Camanachd Lochcarrainn

Air ais gu Beurla

Comunn Camanachd Lochcarrainn: Eachdraidh Goirid

Bha iomain anns an sgire seo bhon àm gaisgich Ceiteach le tadhalaichean bho Fionn is a choin fiadhach is Cu-Chualainn. Ach bha a Communn fhein stèidhichte ann an 1883, ‘s e fear den na sgiobaidhean as sine air a’ Ghaidhealtachd an Iar a th’ ann an Camanachd Lochcarrainn. Anns a chiad Cheud bliadhna, bhuannaich iad Cuach Shrath Dearn ochd tursan agus a’ Chuach Shutharlanach sia tursan a bharrachd air an lige a bhuannachadh iomadach tursan. O chionn goirid, bhuannaich a’ chiad sgioba a’ Chuach a’ Bhaile Mhòir ann an 1999 is 2002.

An diugh, tha da sgioba aig Camanachd Lochcarrainn, tha am prìomh sgioba a’ cluich anns a’ Lìge a Tuath Aon is an darna sgioba ann an Lìge a Tuath Tri, ‘s an dràsta tha da chluicheadair ann an sgioba naiseanta an aghaidh na h-Eirinn.Chaidh an Comunn fhèin mar Chomunn na Bliadhna le Comunn Leasachadh Spors na Gaidhealtachd ann an 2003, a’ chiad chomunn Camanachd a bha air seo fhaighinn a-riamh.

Tha deagh chliù aig a’ Chomunn airson a leasachadh-oigridh ‘s e a’ riochdachadh iomain air Program Naiseanta Spors na h-Òigridh le Sportscotland. Tha a h-uile pàiste anns a’ choimhearsnachd ionadail, gillean agus nighnean, bho aois sia, a’ faighinn coidseadh gach seachdain bho coidsearan uallaichte. Tha uidheamachd cheart ri fhaighinn cuideachd, gu h-araidh clogaidean is camain. Bidh ar sgiobaidhean-oigridh a’ gabhail pàirt ann an co-fharpaisean ionadail is roinneil. Bidh an Comunn an-còmhnaidh a’ toirt taic ri Iomain anns an ard-Sgoile, Sgoile a’ Phluic agus Bun-sgoile Lochcarrainn agus tro Comunn Camanachd Rois.

Tha còrr is mu 100 buill aig a’ Chomunn – na cluicheadaran fhèin, clann-sgoile, luchd-cuideachaidh saor-thoileach, luchd-taic is iad na tha an-sas ann an Rianachd a’ Chomuinn. ‘S e àireamh miorbhjaileach a th’ ann an seo à-measg sluagh de 800. Ann an 2002 is 2005, fhuair an Comunn an duais nàiseanta cliùiteach Investor in People, a’ chiad Chomunn ga ruith gu saor-thoileach air fad anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a tha air seo fhaighinn. Tha seo a’ comharrachadh oidhirpean a’ Chomuinn a thaobh trèanadh agus taic do a luchd-cuideachaidh is a chluicheadairean. Tha a’ mhòr-chuid dhe na cluicheadairean air an tarraing bho na seann ghnothaichean Ghaidhealach; iasgach, sealgaireachd, croitearachd agus coilltearachd ‘s tha na goistidhean aig a’ Chomunn bhon Choimhearsnachd Gnìomhachais a’ sealltainn dè cho cudthromach ‘sa tha tuathanais-èisg is turasachd don sgìre. Ge-ta, tha e fas nas cumanta gu bheil feum aig ar n-òigridh fastadh no foghlam aig Àrd-ire a shireadh taobh a-muigh na Coimhearsnachd. Tha mòr cuid de ar cluicheadairean a’ siubhal gach deireadh-seachdaine bho àiteachan cho fad às ri Dun Èideann, Glaschu agus Inbhir Nis, le cho dèidheil a tha iad air Iomain.

Tha an Comunn a’ cluich aig Pairc a’ Bhattaraidh ann an Lochcarrainn (mu choinneamh Banca na h-Alba) air a Phairc leudaichte ùr, le seòmraichean-sgioba nuadh. Tha geamaichean gan cluich fad an t-samhraidh is an t-fhoghair (Mart gu Samhainn) air feasgairean Disathairne.

Ged tha Iomain na spors neo-dhreuchdail, agus airson a’ mhòr-chuid stèidhichte ann am bailtean beaga, tha e fàs cosgail a thaic. Steidhichte mar a tha sinn ann an Ceann Iar-Thuath na Gaidhealtachd ;s a’ cluich air feadh na dùthcha, tha na cosgaisean-giùlain a’ sìor-fhàs a’ cur cuideam mòr air Ionmhas a’ Chomuinn. Mar sin, tha Comunn Camanachd Lochcarrainn air leth taingeil airson na taice fialaidhe is dileasaiche a bhios e a’ faighinn bho goistidhean-gniomhachais, oighreachdan ionadail, taighean-òsta agus bho luchd-leantainn fa leth. Ach chan e a h-uile rud a th ‘ann an airgead, agus tha Iomain fhathast na phàirt cudhthromach de bheatha shòisealta na Coimhearsnachd is de Chultar nan Gaidheal is na Gàidhealtachd.

Thigibh a-nuas gu Pairc a’ Bhattaraidh agus faighibh eòlach air an spors ealamh is luath seo – is cuiribh ur taic ris an sgioba!

Return to top

Back to Top

Copyright Lochcarron Shinty Club© 2008

Website Credits